BREASCLEIT ÀLAINN
O tha mi cho toilicht' 's mi'n-diugh ri dol dhachaigh
Airson cuairt gu Eilean mo ghaoil
Bhàta-aiseig dèan cabhaig is giùlain mi thairis
A-null gu Eilean an Fhraoich
Thèid mi cuairt chun a' chladaich far an robh mi nam bhalach
'S tha gach àit' mar a bha e bho chèin
'S nach àlainn an sealladh air a bheil mi ri 'g amharc
'S Loch an Ròg ann na laighe cho sèimh
'S e dhol cuairt chun na mòintich air madainn chiùin shamhraidh
Càil cho inntinneach 's a rinn mis' a-riamh
Ri facinn an t-àite cho socair 's cho sàmhach
Tha ri toirt deòir gu bhith ruith air mo ghruaidh
Tha beanntan na mòintich nan tarraing mhòr dhomhsa
Suas nam mullach gun tèid mi son cuairt
'S tha sin toirt nam chuimhne iomadh latha aoibhneach
Chuir mi seachad nam mullach 's nam bonn
às an seo chì mi sealladh – chan eil a shamhail air thalamh
'S ma thà, tha mi gun fhaicinn a-riamh
Chì mi an Fhion Allt 's na Cleitichean cuideachd
Agus caoraich nan laigh' ann le'n uain
às an seo chì mi èitseal is Eilean beag Chèabhaigh
Chì mi ghainmheach air Beàrnaraigh Bheag thall
'S tha cearcall nan clachan ann an Calanais fhathast
Mar a bha iad bho iomadach linn.
Tro uisge na madainn chì mi sealladh tha maiseach
Dhen a' bhaile 's na thogadh mi suas
O Bhreascleit àlainn tha dlùth dhomh an càirdeas
Tha thu cho bàidheil rium an-diugh 's a bha thu riamh
Cha ghabh e le peann a chur ann an rann
An cuimhne bhios agams' gu bràth ort
Bidh gach latha thig mi ann dhomh prìseil a chaoidh
Fhad's bhios agam mo chiall is mo thàlann.
'S tha mi 'n dòchas an dràst' nach fhaic mi an là
Nach bi a' Ghàidhlig ga bruidhinn ann làitheil
Cha deach dìleab a-riamh fhàgail aig sluagh
Cho prìseil ri cainnt ar màthar.
Mòran beannachd an-dràst' do bhaile mo ghràidh
Gus an till mi air-ais ann as t-samhradh
'S fhad 's a dheònaicheas Dia dhomh cothrom bhi triall
Nì mi tilleadh gach bliadhna a-null ann.
LOVELY BREASCLETE
This song was written by a school friend, Alex Dan Macdonald (Korky), we went to Breasclete School together in 1957, and the treasured memories we have of our home village have not diminished with the passing of the years.
I am so happy today, going home
To my beloved Isle
Ferry make haste and take me across
To the Island of Heather.
I go for a walk to the shore,
Where I went as a young boy
And it looks just the same now as then
How beautiful the sight Of Loch Roag so peaceful and calm.
Going to the moor on a mild summer morning
Is my most treasured journey
Seeing the place so quite and peaceful
Brings tears running down my cheeks.
The hills of the moorland
Are great attractions to me
To their summit I go for a walk
Bringing back happy memories
Of times spent on summit and base.
From here I see a sight
Which cannot be beaten
And if it can, I have yet to see it
I see the Fionalt as well as The Cleitichean
Where sheep are lying with their lambs
I also see èitseal and the Island of Cèabhaigh
The sand on Little Bernera
And the stone circle at Callanish is still there
Like it has been for many a generation.
Through the mist of the morning I see a beautiful sight
Of the village where I was raised
O Lovely Breasclete with its close family ties
You are as welcoming as ever you were.
It cannot be put in rhyme
These treasured memories I will always carry
Each day I return will be forever precious
As long as I have all my faculties.
And I hope that I will never see a day
When Gaelic is no longer the common language
No legacy has ever been left to a people
As precious as our mother's tongue
Many blessings now to the village I love
Till I return next summer
And as long as the Lord enables me
I will return each year to see you.